Gaelic Research Intern with The Cairngorms National Park Authority

 

Location: Grantown-on-Spey
£16,550 per year pro rata
Full-Time fixed term contract for three months
Immediate Start
Closing date: 8 January 2018, 12 noon 


About the organisation
 

The Cairngorms National Park was established in September 2003 and the Cairngorms National Park Authority (CNPA) became fully operational at the same time – taking on the statutory powers necessary to ensure successful and sustainable development of the area.
 
The CNPA is designed to be an enabling organisation, promoting partnership working, and giving leadership to all those involved in the Cairngorms. The Park Authority does not duplicate the work of other organisations, such as the enterprise agencies or Scottish Natural Heritage, but is here to ensure there is a joined-up approach to projects and initiatives that help to meet the four aims of the Park. Our Communications & Engagement Strategy sets out how we will achieve this. With a staff of 67, plus 19 board members, the Park Authority has several statutory duties including managing outdoor access in the Parkplanning and development management, the production of a Local Development Plan and the publication of a National Park Partnership Plan.
 
The four aims of the CNPA are: disability_survey2.png

1.To conserve and enhance the natural and cultural heritage of the area 
2.To promote sustainable use of the natural resources of the area 
3.To promote understanding and enjoyment (including enjoyment in the form of recreation) of the special qualities of the area by the public
4.To promote sustainable economic and social development of the area’s communities 
 
For more information on the National Park and the CNPA please visit the website (http://cairngorms.co.uk/
 

About the post 

The CNPA’s Gaelic Language Plan aims to increase the use of Gaelic across the Park, particularly through visitor interpretation and experiences. As the CNPA do not engage directly with visitors via an online service, ‘Gaelic as an Asset’, which provides advice and support for tourism businesses and local community groups that do engage with the public to increase the use of Gaelic, needs to be developed. This project would suit a Gaelic Language student looking to apply their skills and knowledge to promote the use of Gaelic in the tourism industry. 

This project will involve research into available resources that promote 'Gaelic as an Asset' particularly in terms of heritage, tourism, visitor interpretation, and experiences within the Cairngorms National Park. Working with HIE, HES, VS, Creative Scotland and other public bodies this will feed into the creation of an online web resource that helps CNP businesses and community groups increase the use and visibility of Gaelic to enhance the visitor experience.  

Reporting to the Head of communications and Engagement, the main aim of the post will be to produce a webpage with support and advice on the use of 'Gaelic as an Asset'. 

Therefore your main tasks in this role will be as follows:  

•Through Bòrd na Gàidhlig (BnG) contact public sector partners to identify what resources/tools are available to promote 'Gaelic as an Asset' in the tourism industry and to support the increased use and visibility of Gaelic through visitor interpretation & experiences within the Cairngorms National Park
•Carry out an audit of existing Gaelic Experiences being delivered in the Park (via the VisitScotland Gaelic schemes) 
•Carry out an audit to identify what Gaelic Language skills & expertise are available within the Park (via BnG and other Gaelic groups in the Park) 
•Research/identify Gaelic events/stories linked to the Park which could be developed into Gaelic experiences for visitors 
•Working with CNPA staff produce a methodology/guidance for the use of Gaelic in visitor facing publications and on visitor websites (best practice) 
•Working with CNPA staff produce advice & guidelines re. use of Gaelic in heritage interpretation e.g. Gaelic place names 
•Working with CNPA staff promote HIE 'Gaelic as an Asset' resources & VS Gaelic schemes via the CNP website 

This is an excellent opportunity for someone with an interest in Gaelic to gain valuable practical experience in research, marketing strategy and content creation, whilst expanding their professional network.


Requirements

The ideal candidate for the post will be a graduate from a tourism development related background, who is enthusiastic about the potential for the use of Gaelic to expand and develop the Scottish tourism industry.

You should be able to demonstrate the following:

•Fluency in the Gaelic Language
•Qualifications or experience in tourism, visitor interpretation and communication, website/online resource development and community engagement preferred
•Well organised
•Able to work unsupervised and to own initiative
•Experience of research
•Excellent communication skills (written and verbal) – to produce web/online guidance and advice and ability to communicate well with external partners & CNPA staff


Application

Closing date for applications is 8 January 2018, 12 noon.

Please submit a CV and covering letter through the AAI - Adopt An Intern online application form on our website. All applications must be submitted by 12 noon on the closing date. State A) your availability and B) relevant information on your skills/experience pertaining to the job specifications. We do NOT accept email applications unless otherwise stated.

Successful candidates must, by the start of the employment, have permission to work in the UK.


1380.png


 

Inntearnach Rannsachaidh Gàidhlig le Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh

Àite: Baile nan Granndach
£16,550 sa bhliadhna pro rata
Cùmhnant làn-ùine airson ùine stèidhichte de thrì mìosan
A' tòiseachadh sa bhad
Ceann-latha mu dheireadh: 8 Faoilleach 2018, Meadhan-latha.

Mun bhuidhinn

Chaidh Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh a stèidheachadh ann an 2003 agus thòisich Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh aig an aon am - a' gabhail air na cumhachdan reachdail a tha a dhìth gus dèanamh cinnteach gum bi leasachadh soirbheachail is seasmhach anns an sgìre.

Tha Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh air a dhealbhadh airson a bhith na bhuidheann a chuireas rudan an comas, a' brosnachadh obair com-pàirteachais, agus a' toirt ceannas do na com-pàirtichean uile a tha an sàs ann an sgìre a' Mhonaidh Ruaidh. Cha bhi ùghdarras na pàirce a' dùblachadh obair bhuidhnean eile, mar eisimpleir, na buidhnean iomairt no Dualchas Nàdair na h-Alba, ach tha e an seo airson dèanamh cinnteach gu bheil dòigh-obrach cheangailte ann airson pròiseactan is iomairtean a tha a' cuideachadh gus na ceithir amasan aig a' Phàirc a chur an gnìomh. Tha an Ro-innleachd Conaltraidh is Com-pàirteachaidh againn a' cur an cèill mar a bhios sinn a' coileanadh seo. Le 67 luchd-obrach agus 19 buill a’ bhùird, tha farsaingeachd de dhleastanasan air ùghdarras na Pàirce a' gabhail a-steach stiùireadh cothrom air a' bhlàr a-muigh anns a' Phàirc, a' stiùireadh dealbhadh is leasachadh, a bhith a' cruthachadh Plana Leasachaidh Ionadail agus a' foillseachadh Plana Com-pàirtichidh na Pàirce Nàiseanta.

Is iad seo na ceithir amasan aig Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh:

1. A bhith a' glèidheadh is a leasachadh dualchas nàdarra is cultarach na sgìre
2. A bhith a' brosnachadh cleachdadh seasmhach de ghoireasan nàdarra na sgìre
3. A bhith a' brosnachadh tuigse air, agus tlachd às, na feartan sònraichte aig an sgìre don phoball (a' gabhail a-steach a bhith a' gabhail tlachd às an sgìre tro chur-seachadan)
4.A bhith a' brosnachadh leasachadh sòisealta is eaconamach seasmhach ann an coimhearsnachdan na sgìre.

Airson barrachd fiosrachaidh mun Phàirc Nàiseanta agus mu Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, faic an làrach-lìn www.cairngorms.co.uk

Mun obair

Tha Plana Gàidhlig Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh ag amas air cur ri cleachdadh na Gàidhlig air feadh na pàirce, gu sònraichte tro eadar-mhìneachadh agus goireasan do luchd-tadhail. A chionn 's nach bi an CNPA a' dèanamh conaltradh gu dìreach le luchd-tadhail tro sheirbheis air-loidhne, feumar 'Gàidhlig mar Stòras' a chruthachadh gus comhairle is taic a stèidheachadh airson gnìomhachasan turasachd agus buidhnean coimhearsnachd a tha airson co-obrachadh leis a' phoball gus cur ri cleachdadh na Gàidhlig. Bhiodh am pròiseact seo freagarrach airson oileanach Gàidhlig a tha ag iarraidh na sgilean is an eòlais aca a chleachdadh gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an gnìomhachas na turasachd.

Bidh am pròiseact seo a' gabhail a-steach rannsachadh mu na goireasan a tha rim faighinn a tha a' brosnachadh 'Gàidhlig mar Stòras', gu h-àraidh a thaobh dualchas, eadar-mhìneachadh do luchd-turais, agus gnìomhachdan taobh a-staigh Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Ag obair le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean (HIE), Àrainneachd Eachdraidheil Alba (HES), VisitScotland (VS), Alba Chruthachail agus buidhnean poblach eile, bidh seo mar phàirt de bhith a' cruthachadh goireas air-loidhne a tha a' cuideachadh gnìomhachasan is buidhnean coimhearsnachd ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gus cur ri cleachdadh is faicsinneachd na Gàidhlig agus gus cur ris na dh'fhiosraicheas an luchd-tadhail.

Bidh am post air a stiùireadh le Ceannard a' Chonaltraidh is Chom-pàirteachaidh, 's e prìomh amas na h-obrach a bhith a' cruthachadh làrach-lìn le taic agus comhairle a thaobh a bhith a' cleachdadh 'Gàidhlig mar Stòras'.

Mar sin, bidh na prìomh dhleastanasan agad san obair seo mar a leanas:

•Tro na com-pàirtichean aig Bòrd na Gàidhlig (BnG) anns an roinn phoblaich, obraich gus faighinn a-mach dè na goireasan/innealan a tha rim faighinn gus 'Gàidhlig mar Stòras' ann an gnìomhachas na turasachd agus gus taic a chumail ri barrachd cleachdadh is faicsinneachd na Gàidhlig tro eadar-mhìneachadh is gnìomhachdan do luchd-turais taobh a-staigh Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.
•A' dèanamh sgrùdadh air na Gnìomhachdan Gàidhlig a tha air an lìbhrigeadh anns a' Phàirc mar-thà (tro na sgeamaichean Gàidhlig aig VisitScotland)
•A' dèanamh sgrùdadh gus faighinn a-mach dè na sgilean is eòlas air a' Ghàidhlig a tha rim faighinn taobh a-staigh na Pàirce (tro BhnG agus buidhnean Gàidhlig eile anns a' Phàirc)
•Comharraich/rannsaich tachartasan/sgeulachdan Gàidhlig co-cheangailte ris a' Phàirc a b' urrainn a bhith air an cleachdadh mar ghnìomhachdan Gàidhlig do luchd-tadhail
•Ag obair le luchd-obrach Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gus modh-obrach/stiùireadh a sgrìobhadh airson cleachdadh na Gàidhlig ann am foillseachaidhean dhan phoball agus air làraichean-lìn do luchd-cleachdaidh (deagh chleachdadh)
•Ag obair le luchd-obrach Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gus comhairle is stiùireadh a chruthachadh a thaobh cleachdadh na Gàidhlig ann an eadar-mhìneachadh air dualchas, mar eisimpleir ainmean-àite Gàidhlig.
•Ag obair le luchd-obrach Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh gus goireasan 'Gàidhlig mar Stòras' agus sgeamaichean Gàidhlig aig VS a bhrosnachadh tro làrach-lìn Pàirc

Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh

Riatanasan

B'fheàrr leinn gum bi an tagraiche soirbheachail na c(h)eumaiche ann an cuspair co-cheangailte ri leasachadh turasachd, a tha misneachail a thaobh a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig gus gnìomhachas turasachd na h-Alba fhàs is a leasachadh.

Bu chòir gun urrainn dhut dearbhadh gu bheil na sgilean/an t-eòlas a leanas agad:

• A bhith fileanta sa Ghàidhlig.
• B' fhèarr leinn cuideigin le teisteanas no eòlas ann an turasachd, eadar-mhìneachadh is conaltradh do luchd-turais, leasachadh làraichean-lìn/air-loidhne agus com-pàirteachadh coimhearsnachd
• Deagh sgilean eagrachaidh
• Comas a bhith ag obair leat fhèin agus cùisean a ghabhail ort fhèin
• Eòlas air rannsachadh
• Fìor dheagh sgilean conaltraidh (sgrìobhadh agus labhairt) – gus stiùireadh is comhairle a dhèanamh air an eadar-lìon/air-loidhne agus leis a' chomas a bhith a' conaltradh gu math le com-pàirtichean air an taobh a-muigh agus le luchd-obrach Ùghdarras Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Iarrtasan

'S e an ceann-latha mu dheireadh airson iarrtasan 8 Faoilleach 2018 aig meadhan-latha.

Cuir a-steach CV le litir na chois tron fhoirm iarrtais air-loidhne againn air an làraich-lìn againn: AAI - Adopt an Intern Feumar gach iarrtas a bhith a-steach ro mheadhan-latha air a' cheann-latha mu dheireadh. Innse dhuinn A) cuine a bhios tu deiseil ri tòiseachadh agus B) fiosrachadh buntainneach mun eòlas/mu na sgilean co-cheangailte ris an dealbh-obrach. CHA BHI sinn a' gabhail ri iarrtasan puist-d mur a tèid an caochladh a chur an cèill.

Feumaidh cead a bhith aig tagraichean soirbheachail a bhith ag obair anns an RA aig àm tòisichidh na h-obrach.

DÈAN TAGRADH

APPLY

Be the first to comment

Please check your e-mail for a link to activate your account.